A-muigh air a’ bhlàr gun dragh a chur air an fhiadh-bheatha
’S tric a chì thu fiadh-bheatha mhìorbhaileach nuair a bhios tu air a’ bhlàr a-muigh ann an Alba ach tha e ro fhurasta a dhol ro fhaisg air.
Mìnichidh an treòir seo dhut dè tha “dragh air fiadh-bheatha” a’ ciallachadh, mar a dhìonas tu beathaichean fiadhaich na h-Alba nuair a bhios tu a-muigh air a’ bhlàr agus mar a ghlèidheas tu spèiseasan a th’ ann an cunnart is làraichean cugallach is tu a’ leantainn Còd Slighean Dùthchail na h-Alba.
Dè th’ ann an dragh air fiadh-bheatha?
Ma nì sinn rud a dh’fhàgas eagal air beathach is e airson teicheadh uainn ri linn sin no ma chuireas sin giùlan eile air, canar gu bheil sinn a’ cur dragh air an fhiadh-bheatha. Mar eisimpleir, ealtainn eun ag itealaich air falbh uainn, ròin a bh’ air tràigh a’ teicheadh nan deann dhan mhuir no dòbhrain a’ sgur dhen a bhith a’ lorg biadh.
Ge-tà, faodaidh gu bheil sinn a’ cur dragh air beathach mur eil e a’ coimhead oirnn le a dhà shùil is for aige dhuinn.
Tachraidh gun cuir sinn dragh air fiadh-bheatha fiù mur eil beathach an làthair – can ma chuireas sinn cas ann an nead gun fhiosta.
Cuideachd, ma thèid thu ro fhaisg air fiadh-bheatha nuair a bhios tu air a’ bhlàr a-muigh, dh’fhaoidte gun cuir thu thu fhèin is daoine eile ann an cunnart oir fàsaidh cuid a bheathaichean ionnsaigheach nuair a bhios iad dhen bheachd gu bheilear a’ maoidheadh orra. Mar eisimpleir, ma leigeas tu le do chù ruith a dh’ionnsaigh ròin air a’ chladach, dh’fhaoidte gum bìd iad e agus gun tèid do leòn fhèin ma thèid thu fhèin eatarra.
Tha e cudromach cuideachd cumail nad chuimhne gu bheil cuid a ghiùlan gun chùram mu choinneamh fiadh-bheatha na eucoir fon lagh.
Cuirear dragh air fiadh-bheatha mar is trice gun fhiosta ’s sinne air a’ bhlàr a-muigh. Ach gu fortanach tha rudan ann as urrainn dhuinn dèanamh airson taic a chumail riutha le bhith a’ leantainn nan gliocasan gu h-ìosal agus Còd Slighean Dùthchail na h-Alba.
Gràinnean-mullaich nan gliocasan airson beathaichean fiadhaich na h-Alba a dhìon
- Cho luath ’s a chì thu fiadh-bheatha, cnuasaich an suidheachadh. Dè tha na beathaichean ris? Càit a bheil iad a’ dol? Ciamar a thèid mi seachad orra gun dragh a chur orra?
- Coimhead air fiadh-bheatha o dheagh astar an-còmhnaidh agus fàs eòlach air na comharran a dh’innseas gu bheil dragh orra (can nuair a thogas iad an cinn, gairmean èiginn, grad-ghluasadan no giùlan ionnsaigheach) airson ’s gum bi fios agad cuin a bhios droch bhuaidh aig do làthaireachd. Na bi fada gun ghluasad air falbh ma chì thu giùlan mar seo.
- Ma tha agad ri dhol seachad air fiadh-bheatha gu math dlùth, falbh gu slaodach is gu cùramach. Dèan cinnteach gun gluais thu air dòigh stòlda ’s chunbhalach agus na dèan calg-dhìreach orra.
- Gluais air falbh o fhiadh-bheatha cho sàmhach ’s cùramach ’s urrainn dhut – bu chòir dhut gluasad air falbh a cheart cho cùramach ’s a thàinig thu am fagas orra.
- Faodaidh fiù cù air a dheagh oilean eagal a chur air fiadh-bheatha ’s e ri rùrachadh an fhearainn. Leis a sin, b’ fheàirrde dhut do charaid cheithir-chasach a chumail nad shealladh (ach am faic thu na tha iad ris) – no air taod – mur eil thu cinnteach a bheil beathaichean am fagas. Mar eisimpleir, dh’fhaoidte nach fhaic thusa fiadh sa choille no maighichean gan crùbadh air achadh ach bidh fios aig do chù ’s fàileadh dhiubh.
- Tha e gu sònraichte cudromach do chù a chumail faisg ort nuair a bhios eun a’ neadachadh air an talamh ’s a’ togail àl – eadar an Giblean is an t-Iuchar mar is trice – ann an àitichean mar mhòinteach, coilltean, talamh-feòir, cladach lochan is na mara.
- Dh’fhaoidte gu bheil e na chùis gun chron nad shùilean a bhith a’ leigeil le do chù fiadh-bheatha a ruith ach cuiridh seo uallach anabarrach mòr air a’ bheathach agus dh’fhaoidte gun èirich tubaiste ri linn, can ma ruitheas fiadh thairis air rathad a tha am fagas is e airson teicheadh.
- Fan air slighean ma bhios gin ann – an dà chuid airson ’s nach dèan thu cron air bith-àrainnean nàdarra chugallach agus airson ’s nach cuir thu dragh air beathaichean is nid a tha san fheur fhada no am falach air làr na coille.
- Nuair a bhios tu air an uisge, thoir an aire nuair a thèid thu a-steach is a-mach agus seachain raointean far a bheil casg air pleadhagachadh a dhìon nan eun a tha a’ neadachadh aig beul lochan is aibhnichean. Thoir an aire gu sònraichte nuair a bhios tu a’ dol seachad air eilean no a’ landadh air eilean, oir tha iad nan deagh thèarmannan dhan fhiadh-bheatha a ghnàth.
- Lean ri comhairle no sanasan ionadail sam bith airson ’s nach cuir thu dragh air an fhiadh-bheatha. Dh’fhaoidte gum bi fiosrachadh air sanasan mar sin a dh’innseas dhut mar a chì thu cuid dha na beathaichean èalaidheach agus is fhiach an leughadh.
- Thoir an sgudal agad leat airson ’s nach dèan e cron air an fhiadh-bheatha.
Tha pailteas stiùiridh ri fhaighinn a dh’innseas dhut mar a sheachaineas tu dragh air an fhiadh-bheatha a rèir na bhios tu ris.
Spèiseasan fo dhìon is làraichean cugallach
Tha tèarmainn nàdair agus raointean glèidhteachais eile nan àitichean air leth airson an nàdar a rùrachadh is a dhol na shàs ach cuimhnich gu bheilear gan stiùireadh gu cùramach airson glèidhteachas is dìon nam beathaichean is lusan ainneamh ann.
A rèir na bhios tu ris, dh’fhaoidte gun iarrar ort slighe àraidh a leantainn no raon àraidh a sheachnadh. Mar eisimpleir, dh’fhaoidte gun iarrar ort gun a bhith a’ coiseachd air tràigh far a bheil eun a’ neadachadh no gun a bhith a’ sreap bearradh àraidh no àite àraidh air bearradh rè na ràithe briodaidh. Ma leanas tu stiùireadh ionadail mar sin, is urrainn dhuinn an fhiadh-bheatha a th’ ann an cunnart mòr agus làraichean cugallach ann an Alba a dhìon còmhla.
Comhairle do stiùirichean fearainn
- Thoir seachad fiosrachadh (can sanasan) a dh’innseas dè cho cudromach ’s a tha an làrach agus na slighean as fheàrr a leanas daoine airson ’s nach dèan iad cron ro-mhòr agus airson ’s nach cuir iad dragh air an fhiadh-bheatha agus airson fiosrachadh mun fhiadh-bheatha a sgaoileadh.
- Cuimhnich gun toir thu air falbh sanasan sealach a chomharraicheas na h-àitichean so-mhillte rè na ràithe briodaidh no a dh’innseas slighean eile mun cuairt air àite mur eil feum orra tuilleadh.
- Mas urrainn, cuir an sàs deagh shlighean far an coisich daoine.
- Ma tha thu dhen bheachd gu bheil an cead-inntrigidh ag adhbharachadh cron air fiadh-bheatha air an fhearann agad, tog do ghuth air fòram ionadail a’ chead-inntrigidh no bruidhinn ri oifigear a’ chead-inntrigidh.
Chruthaich fòram nàiseanta a’ chead-inntrigidh stiùireadh mu dheidhinn stiùireadh cead-inntrigidh a’ phobaill ann an àitichean le fiadh-bheatha chugallach ann an Alba. Tha na prionnsabalan san stiùireadh seo fhèin feumail ann an iomadh suidheachadh far a bheilear ri glèidhteachas nàdair.