Curaidhean campachaidh
Ann an Alba, faodaidh tu tlachd a ghabhail às a’ bhlàr a-muigh sa mhòrchuid dhen tìr fhad ’s a nì thu seo air dòigh chùramach. Tha seo a’ gabhail a-staigh campachadh aotrom ann an teant, mar phàirt de bhuidheann beag agus a dhà no trì oidhcheannan san aon àite air a’ char as fhaide.
Ma dh’fhalbhas tu a champachadh air a’ bhlàr a-muigh, dh’fhaoidte gum bi thu dhen bheachd nach eil buaidh agad air ’s nach eil thu a’ dèanamh cron ach dh’fhaoidte nach seas an àrainneachd agus an fhiadh-bheatha duine an dèidh duine, buidheann an dèidh buidhinn a’ cur suas teanta ’s a’ campachadh an sin.
Gu fortanach tha rudan ann as urrainn dhuinn uile dèanamh airson cùram na h-àrainneachd a ghabhail agus duilgheadasan a sheachnadh is sinn a’ leantainn nan gliocasan gu h-ìosal agus Còd Slighean Dùthchail na h-Alba.
Brod an stiùiridh airson deagh champachadh
Mar a champaicheas tu
Tha pailteas làraichean-campachaidh stiùirichte ann an Alba far am faighear goireasan airson tadhal tlachdmhor ’s cofhurtail agus ann an àitichean tranga, ’s iad seo an roghainn as fheàrr gu tric. Gheibh thu lorg air làraichean-campachaidh is cuid-oidhche eile air VisitAlba.
Ma nì thu campachadh ann an àite sam bith eile, feumaidh tu suim a ghabhail ann an daoine eile agus Còd Slighean Dùthchail na h-Alba a leantainn.
Rudan a nì curaidh campachaidh:
- Cleachdaidh iad teanta beag agus cumaidh iad air falbh o thogalaichean is rathadan agus bidh roghainn eile fa-near dhaibh ma bhios a’ chiad àite trang.
- Cha dèan iad campachadh ann an goirtean barra no far a bheil beathaichean tuathanais.
- Bheir iad leotha an stuth is sgudal air fad aca is chan fhàg iad lorg sam bith.
Còcaireachd is a’ cumail blàth
Ged a tha coltas fuar is fliuch air Alba gu tric, bidh roitean ann tric gu leòr agus nì teintean mar sin sgrios mòr air an fhiadh-bheatha agus air muinntir an àite. ’S e rud gu math romansach a th’ ann an gealbhan ach chan eil e furasta smachd a chumail orra.
Airson sgrios teine a sheachnadh:
- Na las gealbhan, a’ gabhail a-staigh bobhlaichean teine no BBQ, nuair a bhios cunnart mòr teine ann (mar is trice, nuair a tha an aimsir air a bhith tioram ùine fhada) no faisg air coille, talamh-àitich, talamh mòinteach no faisg air togalaichean no làraichean eachdraidheil.
- Cùm sùil airson rabhaidhean o theine, fiosrachadh o Sheirbheis-smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba is lean ri stiùireadh ionadail sam bith.
- Ma tha agad ri còcaireachd, cleachd stòbha campachaidh. Cuir e air rudeigin rèidh neo-loisgeach air falbh o fheur is lusan tioram (agus on teanta agad!) is cùm sùil gheur air fhad ’s a bhios tu ri còcaireachd.
- Nuair a sgioblaicheas tu, thoir leat an sgudal agad agus pìos glainne briste sam bith oir tha iad mar ghlainneachan-meudachaidh agus lasaidh iad teintean. Thoir leat stuban toitein, oir ged a tha coltas orra gum fàs iad fuar gu luath, lasaidh iad teine ann am feur tioram fhathast ma bhios iad air an làr.
- Cuimhnich gu bheil fiodh marbh na dhachaigh is biadh do dh’iomadh creutair agus gu bheil e glè chudromach dhan eag-shiostam. Fàg fiodh air an làr is na leag craobhan idir is na dèan cron sam bith orra.
- Ma chì thu teine gun rian, cuir fòn gu 999 sa bhad.
A’ dol dhan taigh-bheag
Cuimhnich nach bi goireasan a-muigh air a’ bhlàr mar a th’ agad aig an taigh gu tric. Mur eil taigh-beag poblach am fagas:
- Dèan cinnteach gun toir thu leat lioghag, pàipear, stuth-slàinteachaidh nan làmhan is bagaichean as urrainn dhut seulachadh dhan sgudal agad airson is gum bi e furasta sgioblachadh.
- Ma tha an dileag ort, dèan sin co-dhiù 30m air falbh o loch, abhainn is allt sam bith airson is nach truaill thu an t-uisge. Glan do làmhan le uisge no stuth-slàinteachaidh na dhèidh.
- Ma tha agad ri do bhriogais fhosgladh, dèan sin fad air falbh o thogalaichean, slighean, uisge sam bith is o bheathaichean tuathanais. Adhlaic e ann an toll eu-domhain is cuir an sgrath air ais os a chionn no cuir ann am baga e is thoir leat e. Glan do làmhan le uisge no stuth-slàinteachaidh na dhèidh.
- Luchdaich a-nuas a’ bhileag ‘Where to Go in the Outdoors’ airson barrachd fiosrachaidh on bhuidheann Sreapadaireachd Alba.
Càit an cuir thu (is nach cuir thu) càr
Ma bhios tu a’ draibheadh dhan àite-champachaidh, feuch ro làimh a bheil àite ann far an urrainn dhut an càr a phàirceadh. Ma bhios agad ris an càr agad a phàirceadh air a’ bhlàr a-muigh:
- Cuir an càr agad ann am pàirc-chàraichean is smaoinich air àite iomchaidh eile ro làimh air eagal is gum bi na pàircean-chàraichean làn.
- Cuimhnich nach eil na còraichean inntrigidh a’ gabhail a-staigh carbadan motair. Ma chuir na daoine aig a bheil pìos talmhainn cuingeachadh no riaghailtean an sàs a thaobh pàircidh air an talamh aca, feumaidh tu gèilleadh ris.
- Mas urrainn dhut, falbh air còmhdhail phoblach no baidhseagal, iomair no coisich dhan àite-champachaidh agad.
Cuingeachadh ràitheil air campachadh
Tha campachadh fo chuingeachadh fhrith-laghan ann an cuid a dh’àitichean.
Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean
Tha frith-laghan ràitheil an gnìomh ann am Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil campachadh toirmisgte taobh a-muigh làraichean-campachaidh no às aonais cead campachaidh ann an sgìrean àraidh na pàirce nàiseanta. Dèan cinnteach gun dèan thu plana ro làimh. Airson barrachd fiosrachaidh, tadhail air làrach Loch Laomainn is nan Tròisichean.
An e Tosgaire a’ Bhlàir A-Muigh a th’ annad?
Mas e, bu toil leinn cluinntinn bhuat!
Bhiodh e fìor mhath dealbhan is bhidiothan fhaicinn is tu a’ leantainn Còd Slighean Dùthchail na h-Alba – can gun a bhith a’ fàgail lorg sam bith dhen àite champachaidh agad, deagh smachd agad air do chù faisg air crodh no thusa gun a bhith a’ cur dragh air fiadh-bheatha le bhith a’ cumail air falbh uaithe.
Siuthad ma-thà, cuir suas iad sna meadhanan sòisealta is cleachd #OutdoorAmbassadors agus, mas urrainn dhut, tagaich cunntas oifigeil NàdarAlba:
X: @NatureScot
Facebook: Facebook.com/NatureScot
Instagram: @naturescot
Comhairle do stiùirichean fearainn
Ma tha mòran dhaoine a’ campachadh aig oir nan rathadan far a bheil thu no àitichean air an fhearann agad far an dèan daoine campachadh fiadhaich, b’ urrainn dhut co-obrachadh leis an ùghdarras ionadail agad agus buidhnean chur-seachadan airson smachd a chumail air a leithid seo a champachadh.
Tha comhairle do stiùirichean fearainn a thaobh dhuilgheadasan le campachadh air an fhearann agaibh ri fhaighinn aig Managing camping with tents in Scotland. Chaidh an sgrìobhainn seo ath-nuadhachadh leis an Fhòram-inntrigidh Nàiseanta sa Ghearran 2021.
Ma bhios tart ann, cuidich na seirbheisean-smàlaidh is teasairginn le bhith a’ cumail fios ri daoine mu na cunnartan teine a th’ ann.
A’ rùrachadh a’ bhlàir a-muigh le Calum MacIlleathain
Gliocasan airson campachadh fiadhaich (le Calum MacIlleathain)
An dèan Calum campachadh ann an coilltean?
Nì gu dearbh – agus seo mar a nì e sin.
Thadhail mi air Tèarmann Nàdair Nàiseanta Shliabh Muileann Dùnaidh agus rinn mi campachadh ann fad oidhche.
Bheir mi leam stòbha an-còmhnaidh airson còcaireachd – nuair a bhios e tioram is teth, mar a bha e nuair a rinn mi am fiolm seo, bidh cunnart mòr ann gun tòisich teine agus le stòbha, cha bhi bùrach no fiù lorg air an dèidh na cùise.
Cha leig thu leas teine (le Calum MacIlleathain)
Cabadaich tac an teine. Am feum thu gealbhan is tu ri campachadh? Am bu chòir fear a bhith agad?
Fiù ma bhios tu dhen bheachd gu bheil an t-uisge ann gu tric, sgaoilidh teine gu luath agus nì e cron mòr mòr air iomadh rud. Dh’fhaoidte gum feum àite na deichean de bhliadhnaichean mus bi e mar a bha e agus nì e cron air beathaichean is lusan. Tha an samhradh seo gu sònraichte air a bhith cho teth is tioram.
Am b’ fhiach an cunnart?
Cha leig thu leas teine airson an stiubha air leth seo co-dhiù 👌
Barrachd mu dheidhinn Tèarmann Nàdair Nàiseanta Thentsmuir.